Leabhar-Latha: Alba 2005


Home
Über mich
Photoalbum
Gàidhlig
Cymraeg
Links




Diciadain, 14 Sultain: Berlin – Dùn Èideann

Chaidh mi fhèin agus Martainn dhan a’ phòrt-adhair mu dhà uair feasgar. Cha do dh’fhalbh am pleana againn ach aig fichead mionaid as dèidh ceithir uairean, ach cha robh sinn airson a bhith fadalach. Uill, bha tìde gu leòr agam, agus chan eil am pòrt-adhair ann am Berlin Schönefeld air leth inntinneach. Mar sin sgrìobh sinn a’ chiad chairt-phuist gu banacharaid againn mus do dh’fhalbh sinn Berlin.
Ràinig sinn Newcastle mu còig uairean. Bha sinn glè thoilichte gun d’ fhuair sinn an dà mhàlaid againn gu luath. Ghabh sinn càr air mhàl aig a’ phòrt-adhair. B’ e càr beag a bh’ ann („Smart for four“) agus bha mòran sgrìoban air, ach bha sinn toilichte gu leòr leis -  chan fheumadh e mòran peatrail.
As dèidh dhuinn an càr fhuair, chaidh sinn a Dhùn Èideann. Bha Martainn a’ dràibheadh. Cha robh sin furasda dha an toiseach, o chionn ‘s nach robh e a’ dràibheadh ann am Breatainn a-riamh... Ach dh’fhàs e cleachdte ris agus ràinig sinn Dùn Eideann gu sàbhailte mu naoi uairean. Gu fortanach, cha robh e doirbh an taigh leabaidh is bracaist ri lorg. Threòraich May, bean an taighe, sinn dhan t-seòmar againn, agus thuirt i gum biodh bracaist ann aig ochd uairean an ath mhadainn...

 

Diardaoin, 15 Sultain: Dùn Eideann (Pàirc Holyrood)

Nuair a dhùisg sinn aig cairteal gu h-ochd bha i sgòthach agus bha beagan uisge ann. Bha dùil againn coiseachd mun cuairt Phàirc Holyrood agus Cathair Artair a shreap, ach cha robh sinn cinnteach mu dheireadh thall... Uill, dh’èirich sinn co-dhiù agus ghabh sinn bracaist. Bha uighean, hama, isbeanan, pònairean, tomàtothan agus tost ann, agus dh’òl sinn tì agus sùgh orainds. Bha a h-uile rud blàsda gu dearbh, ach cha robh sinn cleachdte ri bracaist mòr mar sin. Bha againn ri fois a ghabhail mus deach sinn a-mach...
Leth uair an dèidh a’ bhracaist chaidh sinn do mheadhan a’ bhaile air a’ bhus. Bha May air innse dhuinn dè na busaichean a tha a’ dol ann, agus gum biodh an t-sìde na b’ fheàrr a dh’aithghearr. Agus bha i ceart. Cha robh an t-uisge ann nuair a ràinig sinn Sràid a’ Phrionnsa, agus bha an t-adhar a’ coimhead na bu shoilleire mar-thà. Chaidh sinn sìos gu Lùchairt Holyrood agus a’ phàirce. Choisich sinn ri taobh nan Creagan Shalasburaidh agus ràinig sinn aig cùl Cathair Artair. Tha e nas fhasa an cnoc a shreap an sin... Thig a’ ghrian a-mach às nan sgòthan nuair a bha sinn a’ sreap a’ bholcàno, agus bha na sgòthan air falbh nuair a ràinig sinn am mullach. Abair sealladh! B’ e latha air leth soilleir a bh’ ann – fiù ‘s chunnaic sinn na Cnuic Phentland! Chaidh sinn seachad tobhta Caibeil Naomh Anthony air an slighe air ais chun a’ bhaile... Chòrd an cuairt sin rinn gu mòr. Bha sinn gu math sgìth, ach glè thoilichte nuair a thill sinn dhan taigh.

 

Dihaoine, 16 Sultain: Dùn Eideann – Tunga

As dèidh dhuinn bracaist a ghabhail chaidh sinn a Thunga - taobh tuath na h-Alba – anns a’ chàr. Thug e gu bhith seachd uairean Tunga a ruigsinn, ach cha robh e ràsanach idir. Tha cruth na tìre agus an t-sìde ag atharrachadh cho luath ann an Alba... Ach tha e a’ coimhead uabhasach àlainn daonnan. Rinn sinn stad bho àm gu àm airson dealbhan a thogail.
Bha an taigh leabaidh is bracaist suidhichte ann an Dail Chairn – àite air leth ciùin faisg air Tunga. Chan eil ach ceithir taighean ann. An dèidh dhuinn an taigh ruigsinn agus na màlaidean a chur anns an t-seòmar againn, chaidh sinn air ais a Thunga. Bha sinn air tobhta Chaisteal Bharraich faicinn bhon t-sràid roimhe agus bha sinn airson coiseachd ann. Chan eil i fada bho Thunga, ach bha an t-uisge ann nuair a shreap sinn an cnoc air a bheil an tobhta suidhichte. Feumaidh gun robh i fliuch gu tric na làithean sin – bha an t-slighe fo eabar agus sleamhainn... Bha sinn toilichte nuair a sguir an t-uisge agus sinn a’ ruigsinn a’ mhullaich. Dh’fhàs i grianach beagan as dèidh sin, agus bha an tobhta a’ coimhead air leth àlainn ann an solas an fheasgar aig dol fodha na grèine. Choimhead sinn air a’ ghrian a dol fodha air cùlaibh nam beanntan taobh eile a’ chaolais mus do choisich sinn gu faiceallach air ais dhan bhaile...

 

Disathairne, 17 Sultain: Tunga (Beinn Tunga)

Bha i fliuch nuair a dh’èirich sinn mu leth uair as dèidh a h-ochd airson bracaist a ghabhail. Bha sinn airson Cnoc an Fhreiceadain a shreap an latha sin. Chaidh sinn a Thunga as dèidh a bhracaiste. Bha an t-sìde beagan na b’fheàrr aig an àm sin – bha i gaothach agus sgòthach, ach cha robh an t-uisge ann. Cho-dhùin sinn gum feuchadh sinn an cnoc a shreap. Ach uill, cha robh sinn cho fortanach – cha do lorg sinn slighe thar a’ mhonadh. Bha an talamh dìreach ro fhliuch... Mar sin shreap sinn Beinn Tunga an àite Cnoc an Fhreiceadain. Bha e furasta gu leòr coiseachd ann o chionn ‘s gu bheil rathad a dol suas chun a’ mhullach. Ach cha mhòr gum biodh mi nam sheasamh nuair a ràinig sinn – bha i uabhasach stoirmeil. Ach chòrd an sealladh rium glàn co-dhiù...
Rinn sinn stad ann an Coldbackie air an t-slighe air ais a Dhail Chairn agus choisich sinn sìos chun a’ chladaich, ged a bha i rud beag fliuch. Gu mi-fhortanach dh’fhàs an t-uisge gu math trom nuair a bha sinn a’ coiseachd air an tràigh. Chaidh sinn air ais chun a’ chàr cho luath ‘sa gabhas sinn, ach bha sinn bog fliuch co-dhiù nuair a ràinig sinn an càr...
Bha an t-uisge ann fad an fheasgar, agus sgrìobh sinn cairtean-phuist. Cha deach sinn a-mach a-rithist ach airson biadh a ghabhail ann an taigh-osta ann an Tunga san oidhche...

 

Didòmhnaich, 18 Sultain: Tunga – Eàrlais

Choisich sinn mun cuairt Dail Chairn airson greis mus do dh’fhàg sinn airson dol dhan Eilean Sgiathanach an-diugh. Lorg sinn lochannan eadar na cnuic faisg air an taigh. ‘S e àite fìor chiùin agus àlainn a th’ ann an gleann beag sin. ‘S bochd nach robh sinn ann ach airson latha, agus bu bha leinn dol ann a-rithist...
Dh’fhàg sinn Tunga mu mheadhan latha agus ràinig sinn Eàrlais, baile glè bheag faisg air Uig, mu shia uairean feasgar. Chuir sinn na rudan againn anns an taigh, ach cha robh e cho anmoch fhathast. Cha robh sinn airson a bhith nar suidhe taobh a-staigh fad an fheasgar as dèidh sia uairean anns a’ chàr... Mar sin chaidh sinn sìos chun na mara. Tha bàgh beag faisg air an taigh far an robh sinn a’ fuireach (Camas Beag mar a chanas iad). B’ fhiach an turas beag sin! Bha sinn a’ coiseachd ri taobh a’ chladaich nuair a mhothaich sinn rudeigin a’ gluasad anns an uisge. Choimhead sinn air a’ mhuir agus chunnaic sinn ceann dubh a’ coimhead oirnn a-mach às an uisge – ceann ròin! Bhiodh e a’ dol a-mach as ar sealladh agus a’ nochdadh ann an àite eile airson greis. Thàinig e nas fhaisge gach turas. Bha e coltach gum biodh e ceasnachail mu ar deidhinn... Chuir e iongnadh oirnn co-dhiù nuair nach nochd an ròn ach còig meatairean bhon àite far an robh sinn nar seasamh. Choimhead e oirnn – agus chaidh e fon uisge. Nuair a nochd e a-rithist, bha e mu leth-cheud meatair air falbh – ach cha robh e na aonar: bha dà ròn a’ coimhead oirrn às an uisge a-nis!
Gu mi-fhortanach bha a’ ghrian air dol fodha mar-thà, agus thòisich i a’ fàs dorcha. Mar sin bha againn ri tilleadh dhan taigh – bha an t-slighe ro shleamhainn airson dol ann san dorchadas...

 

Diluain, 19 Sultain: An Stòrr

Bha droch shìde ann nuair a bha sinn am bracaist air chrìochnachadh, agus chaidh sinn a Phort Rìgh. Choisich sinn mun cuairt a’ bhaile gus an do sguir an t-uisge. Dh’fhàs an t-sìde na b’ fheàrr gu luath (mar a b’ àbhaist), agus cho-dhùin sinn air dol mu chuairt Trondairnis. Rinn sinn stad aig an Stòrr agus choisich sinn suas gu Bod an Stòrr. Bha an oidhche mu dheireadh de tachartas mòr (An Stòrr) dìreach an latha roimhe, agus bha mòran rudan teicnigeach ann fhathast – chunnaic sinn iad sa choille agus air na lèanan. Feumaidh gun robh e a’ faireachdainn glè mhath a bhith a’ sreap an Stòrr san oidhche, le solas agus ceòl sònraichte, agus feumaidh gum robh an Stòrr a’ coimhead air leth àlainn leis an t-solas seo... Ach cha robh na h-acfhainnean a’ coimhead cho àlainn ann an solas an latha... Uill, chòrd an t-sealladh rinn co-dhiù. Agus bha sinn gum math fortanach leis an t-sìde – bha i tioram gu bhith fad an t-siubhail, agus bha i fiù ‘s grianach bho àm gu àm. Ghabh sinn fois nuair a ràinig sinn am Bod. Thig a’ ghrìan a-mach às na sgòthan a-rithist, agus sinn nar suidhe air creag air cùlaibh a’ Bhuid... Bha sinn toilichte a bhith nar suidhe anns a’ ghrian airson greis. Dh’fhàs i na b’ fhuaire agus gaothach gu h-obann nuair a ghluasad sgòth air beulaibh na grèine a-rithist. Thòisich i a bhith beagan fliuch cuideachd, agus thill sinn dhan chàr.
Thadhail sinn Caisteal Duntuilm an dearbh feasgar. Bha mi fhìn ann mu cheithir bliadhna air ais – agus cha robh mòran air atharrachadh... Uill, chan eil tobhtaichean ag atharrachadh cho luath, a bheil? Bha spòrs mòr agam co-dhiù, agus cha robh Martainn ann a-riamh. Tha mi a’ smaoineachadh gun chòrd e ris glàn.

 

Dimàirt, 20 Sultain: Cuithe-Fhraing

B’ e latha breagha, grianach a bh’ ann an-diugh. Chaidh sinn a Fhlodaidh-Gearraidh an dèidh a’ bhracaiste airson an Cuithe-Fhraing a shreap. Bha na ceuman fiuch agus eabarrach bho uisge nan làithean roimhe, ach bha e furasda gu leòr coiseachd ann co-dhiù. Choisich sinn sìos ri taobh Loch Langaig an toiseach agus ghabh sinn fois goirid faisg air Loch Hasco. Shuidh sinn sìos air creag agus ghabh sinn briosgaidean agus uisge. Bha e grianach agus blàth, agus bha an sealladh dìreach mìorbhaileach.Ràinig sinn An t-Snàthad mu uair feasgar. Bha dùil againn dol sìos chun A’ Bhùird, ach bha am bruthach ro shleamhainn. Cho-dhùin sinn air tilleadh chun a’ chàir, ach choisich sinn mu chuairt a’ Phrìosan an toiseach. Bha againn ri bruthach gu math cas a shreap airson tilleadh dhan shlighe. Cha robh e glè shleamhainn gu fortanach, agus bha feansa ann cuideachd...
As dèidh dhuinn ràinig an càr chaidh sinn do Shlèite. Bha sinn airson sùil a thoirt air Lios an Eilean Sgitheanach mus an robh againn ris an eilean fhagail an ath mhadainn. Rinn sinn stad ann an Eilean Iarmain agus aig Sabhal Mòr Ostaig agus choisich airson beagan coiseachd mus deach sinn a dh’Armadal. Choisich sinn mun cuairt Armadal airson uair. An uair sinn chaidh sinn air ais a Phort Rìgh airson biadh a ghabhail.

 

Diciadain, 21 Sultain: Eàrlais – Bail’ a’ Chaolais a Tuath

Dh’fhàg sinn an t-Eilean airson dol a Bhail’ a’ Chaolais a Tuath. Rinn sinn stad faisg air Caisteal Eilean Donan an toiseach airson dealbhan a thogail, agus cha do ghabh sinn an t-slighe as giorra an dèidh sinn. Bha Martainn airson Loch Nis fhaicinn. Bha e dhen bheachd nach urrain dha dol air ais dhan Ghearmailt agus innse nach do lorg e an uilebheist.Uill, dh’fheuch e ri dealbh a thogail dhith, ach bha e dìreach ro shlaodach... Chaidh sinn seachad air Cille Chumhein an uair sin – ghabh sinn fois an sin. Cha do chòrd e rinn idir – cus luchd-turais. Ach choisich sinn mun cuairt airson greis co-dhiù. Mus do dh’fhàg sinn Cille Chumhein dh’fheuch mi ri fònadh a chur gu bean an taighe ann an Bail’ a’ Chaolais a Tuath. Bha mi airson innse dhi cuin a bha dùil againn ruigsinn. Ach cha do fhreagair i am fòn, agus mar sin chaidh sinn dhan Ghearasdan an toiseach, agus a Ghleann Fhionnainn as dèidh sin airson beagan coiseachd. Pharc sinn an càr air beulaibh eaglais faisg air a’ charragh-chuimhe (bha an t-àite-parcaidh sin saor ‘s an asgaidh co-dhiù...) agus choisich sinn sìos chun a’ charraigh. Thog sinn dealbhan de Loch Seile, agus an uair sinn shreap sinn cnoc airson dealbhan a thogail dhen viaduct. Bha cabhag orm tilleadh dhan chàr an uair sin air sgàth ‘s gun tòisich an t-uisge a-rithist... Fònadh mi gun taigh leabaidh is bracaist a-rithist, agus fhreagair i am fòn a-nis. Ràinig sinn Bhail’ a’ Chaolais a Tuath mu shia uairean feasgar...

 


Diardaoin, 22 Sultain: Bail a’ Chaolais a Tuath

Bha an t-uisge ann sa mhadainn, agus cha robh sinn ag iarraidh ach ceuman goirid a dhèanamh. Bha sinn air leughadh mu dheidhinn easan san sgìre sin, agus bha sinn a’ smaoineachadh gum b’ e latha sgoinneil a bh’ ann airson coimhead orra. Mar sin chaidh sinn a dh’Omhanaich – tha easan na h-aibhne Rìgh faisg air a’ bhaile – agus choisich sinn ann. B’ fhiach e gu dearbh. Bha an t-uisge ann gu tric na làithean roimhe agus bha an abhainn làn uisge, agus bha na h-easan air leth beothail agus fuaimneach.
Tha eas mòr eile ann ann an Ceann Loch Mòr. Chaidh sinn ann an sin cuideachd. Choimhead an eas air leth àlainn, ach bha an t-adhar uabhasach fliuch faisg air. Bha i gu math blàth cuideachd – agus bha am fallas orm nuair a choisich sinn mun cuairt a’ choille.
Chaidh sinn air ais dhan taigh mu mheadhan-latha airson fois agus tì a ghabhail. Sgrìobh sinn càirtean-phuist cuideachd mus deach sinn a-mach a-rithist. Thadhail sinn an t-seann chuaraidh sglèata ann am Bail’ a’ chaolais. Chaidh an cuaraidh a dhùnadh o chionn leth-cheud bliadhna, agus tha e inntinneach ri fhaicinn ciamar a tha an nàdar a’ toirt a’ chuaraidh air ais.

 

Dihaoine, 23 Sultain: Bail’ a’ Chaolais a Tuath – Glaschu

Dh’fhàg sinn Bail’ a’ Chaolais airson dol a Ghlaschu tràth sa mhadainn. Bha dùil againn coiseachd ann an Gleann Comhainn. Ach bha i a’ dortadh fad an t-siubhail, agus cha do rinn sinn stad idir. Mar sin ràinig sinn an taigh ann an Glaschu mu mheadhan-latha. Bha sin a’ cur iongnadh air bean an taighe - bha mi air innse oirre gum biodh sinn a’ ruigsinn mu shia uairean feasgar – agus cha robh i deiseil leis an seòmar againn. B’ urrainn dhuinn na màlaidean againn a chur a-steach co-dhiù mus deach sinn do mheadan a’ bhaile. Dh’fhàs an t-sìde na b’ fheàrr, agus choisich sinn mun cuairt airson cuid uairean a thìde. Thadhail sinn an Necropolis mus do thill sinn dhan taigh.

 

Disathairne, 24 Sultain: Glaschu

Bha sinn airson choisich anns a’ Phollok Country Park, agus dh’fheuch sinn ri dol ann air a’ bhus. Ach cha robh sinn cho furasta. Cha robh fhios againn dè am bus am biodh a’ dol ann an sin, neo càit am biodh e a’ falbh. Mar sin chaidh sin do stèisean nam busaichean an toiseach. Bha sinn airson clàr nam busaichean (“MapMate” mar a chanas iad) a cheannach – ach cha robh aca. Thuirt iad gum biodh dreach ùr air a fhoillseachadh an ath sheachdain... Sgoinneil! Uill, choisich sinn mun cuairt airson greis agus faigh sinn am bus ceart mu dheireadh thall. Bha seòrsa feis ann anns a’ phàirce – le taisbeanadh nam bò. Bha sinn gu math èibhinn.
Chaidh sinn do Chaisteal Crookston as dèidh sin. Chan eil e fada bhon phàirce, agus b’ urrainn dhuinn coiseachd ann. Bha spòrs mòr againn an tùr a shreap. Bha mi ann roimhe nuair a bha mi a’ fuireach ann an Glaschu, ach cha robh cuimhe agam gun robh na staidhrichean cho dorcha...
An uair sin bha dùil againn Pàirc Kelvingrove agus an Lios Luibheach a thadhail, ach bha duilgheadas againn busaichean a lorg a-rithist. Ràinig sinn mu dheireadh thall agus choisich sinn anns a’ phàirce airson greis. Choimhead sinn air feòragan a bha a’ cluich air an fheur. Bha iad cho èibhinn!
Nuair a ràinig sinn an Lios Luibheach bha an taigh-glainne dùinte (thèid am fear eile ùrachadh agus bha e dùinte co-dhiù), ach bha an lios inntinneach co-dhiù...

 

Didòmhnaich, 25 Sultain: Glaschu (Loch Laomainn, Sruighlea)

Bha sinn airson Beinn Laomainn a shreap, ach cha robh an t-sìde math gu leòr. Bha frasan ann sa mhadainn agus cha robh e coltach gum biodh i fada nas fheàrr. Chaidh sinn gu Loch Laomainn co-dhiù airson beagan coiseachd anns a’ choille faisg air Balmaha. Nuair a dh’fhàs an t-sìde nas miosa chaidh sinn a Shruighlea agus choisich sinn mun cuairt a’ bhaile fad an fheasgar. Bha an t-sìde nas fheàrr an sin – bha i grianach agus blàth. Choisich sinn suas chun a’ chaisteil taobh na h-Eaglaise Holy Rude agus a’ chladha air a cùlaibh. Cha do thadhail sinn an caisteal fhèin, ach bha feasgar uabhasach math againn ann an Sruighlea co-dhiù.

 

Diluain, 26 Sultain: Glaschu

Bha an t-uisge ann nuair a dh’èirich sinn agus cha robh e air sgur nuair a bha sinn am bracaist air crìochnachadh. Ach cha robh sinn airson fuireach anns an taigh fad an latha. Bha mi fhìn ag iarraidh dol dhan bhùth aig Comhairle nan Leabhraichean airson leabhraichean a cheannach. Mar sin chaidh sinn do mheadhan a’ bhaile agus ghabh sinn trèan fo thalamh gu Kelvin Hall. Ach cha robh am bùth fosgailte – b’ e “Bank Holiday” a bh’ ann an latha sin!
Chaidh sinn a Ghovan air an trèan as dèidh sin, bha sinn airson an Sciene Centre a thadhail, uill, bha sinn airson an làr-ìosal a thadhail. Bha cuimhe agam gun robh an làr sin saor ‘s an asgaidh, ged an robh cuid deuchainnean inntinneach agus spòrsail ann. Ach tha rudan air atharrachadh. Faodar an làr-ìosal a thadail saor ‘s an asgaidh fhathast (tha seòrsa biadhlann ann), ach tha na deuchainnean air falbh... Bha sinn rud beag mi-thoilichte.
Uill, bha sinn airson gailearaidh na ealaine nuadh a thadhail an àite sin. Ach thòisich uisge trom, agus sinn a’ coiseach do mheadhan a’ bhaile. Bha sinn bog fliuch nuair a ràinig sinn an gailearaidh... agus cho-dhùin sinn nach biodh sinn ga thadhail idir. Chaidh sinn dhachaigh agus ghabh sinn cupa tì. Bha an tì gle thèth agus uabhasach blasda...

 

Dimàirt, 27 Sultain: Glaschu – Hexham

An latha mu dheireadh agam ann am Breatann... Dh’fhàg sinn Alba agus chaidh sinn a Wall – baile beag faisg air Hexham – o chionns gun robh agam ri dol dhan phort-adhair sa mhadainn an ath latha. Ach mu do dh’fhàg sinn Glaschu chaidh sinn dhan bhùth aig Comhairle nan Leabhraichean a-rithist. Bha e fosgailte an latha sin, agus cheannaich mi ceithir leabhraichen. Fiù’s lorg mi leabhar mu dheidhinn Reul-Eòlais sa Ghàidhlig agus cha b’ urrainn dhomh ach an leabhar sin a cheannach...
Uill, chaidh sinn a Wall an dèidh sin, ach nuair a ràinig sinn bha duilgheadas againn an taigh ceart fhaighinn. Bha seòladh na croite againn – ach cha robh sin ro chuideachail: St Oswalds Farm, Wall, Hexham, UK – hmmm... Chunnaic sin duine a bha ag obair ann an garaids agus dh’ fhaighnich Martainn dheth càit a bheil an croit. Ach cha robh fios aige – thuirt e nach robh e às an sgìre sin... Ach ‘s dòcha gum biodh fios aig na daoine anns an taigh-seinnse... Chaidh sinn ann – agus bha fios aca gu dearbh! Bha sinn uabhasach toilichte nuair a
ràinig sinn an taigh mu dheireadh thall. Chan eil e suidhichte ann an Wall, ach air cnoc faisg air a’ bhaile.
Chaidh sinn mun cuairt anns a’ chàr as dèidh dhuinn na rudan againn a chur anns an taigh. Bha sinn airson coiseachd ri taobh Hadrian’s Wall – ach cha do lorg sinn àite-pharcaidh saor ‘s an asgaidh. Bha a’ ghrian a’ dol fodha co-dhiù...
Mar sin chaidh sinn a Hexham airson diathad a ghabhail. Chaidh sinn seachad air àiteachan air an robh ainmean gu math èibhinn - ainmean mar “Once Brewed”... Carson “Once Brewed”??? Hmmm, chunnaic sinn taigh-seinnse ri taobh a’ bhaile agus ‘s e “The Twice Brewed Inn” an t-ainm a th’air co-dhiù...

Chaidh sinn dhan phort-adhair as dèidh a’ bhracaiste an ath mhadainn. Bha sinn ann gu math trath – ach bha agam ris an càr a thoirt air ais. Dh’fhalbh am plèana aig coig mionaidean as dèidh uair, agus ràinig sinn Berlin mu còig uairean feasgar.

letzte Änderung:
16.10.2008
© 2004-08 Jessica Wirthig